Meal an naidheachd air Aonghas MacLaomainn, Alasdair MacLaomainn, Seumas Mac a’ Chatharnnais agus Pàdraig Mac na Ceardaich air a’ chiad ghairm aca gu sguad Gàidhlig na h-Alba airson Iomain Cholmcille a Sìa, Disathairne seo ann an Indreabhan, Conamara, Co. na Gaillimhe.

 

Bidh iadsan an lùib sguad air a stiùireadh le Eòghan Stiùbhart againn agus bidh iad còmhla ri Sean MacLeòid a tha anns an sguad airson an t-siathaimh thurais.

 

‘S e cothrom air leth a tha seo airson gillean Leòdhasach le Gàidhlig a bhith a’ cur gu feum an cuid Ghàidhlig ach aig an aon àm a bhith a’ riochdachadh na h-Alba agus ag ionnsachadh sgilean ùra bho chluicheadairean iomain eile bho air feadh na h-Alba agus bho na h-Èireannaich.

 

Tha Iomain Cholmcille air a bhith na phròiseact gu math soirbheachail agus bho thùs, tha Leòdhasaich air pàirt mhòr a chluich ann, fiù ‘s mus robh sgioba sa lìog againn. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachais dha na gillean thall.

 

Congratulations to Innes Lamont, Ally Lamont, Seumas Charity and Paddy Sinclair on their first call ups to the Alba squad for the Gaelic Shinty-Hurling International, Iomain Cholmcille a Sìa in Inverin, Connemara, Galway this Saturday.

 

They will be involved with a squad run by our very own Eòghan Stewart and they will be with Sean MacLeod who is in the squad for a record sixth time.

 

This is a great opportunity for Lewis lads with Gaelic to use their language whilst simultaneously representing Scotland and learning new skills from other shinty players and from the Irish hurlers.

 

Iomain Cholmcille has been a very successful project and since the beginning, even when we didn’t have a league team, Leòdhasaich have played a major role in it. We wish the lads all the best.

 

By eoghan

Leave a Reply

Your email address will not be published.