Tobar an Dualchais Gaelic Archive

A list of Gaelic recordings from Tobar An Dualchais regarding the long and rich history of shinty in Lewis and Harris. The recordings herein concern the sport being played across the islands, from Uig, to Lochs, to Tung and Melbost and Berneray. There are also two recordings from Prògram Choinnich in the late 90s surrounding the revitalisation of the sport under Boyd MacKenzie, Niall Ferguson and the late Dr Barden.  More information on the work of Tobar an Dualchais can be found here http://www.tobarandualchais.co.uk/

Tha eachraidh fhada aig iomain  anns na h-Eileanan an Iar, gu h-àraidh ann an Leòdhas agus mar sin, tha am pàilteas de stuthan inntinneach air an làrach –lìn “Tobar an Dualchais”. http://www.tobarandualchais.co.uk/

http://www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/31693/1 Tha an clàradh seo a’ bruidhinn air a’ gheam eadar an Tunga agus Mealboist/Steinis aig a’ Bhliadhna Ùir. Tha e a’ tighinn o 1958. A-rèir coltais, bhiodh iad a’ faighinn camain o ghàradh a’ Chaisteil agus bhiodh iad a’ leaghadh an rubair o shean bhrògan airson buill. Tha an Iomain Challainn air tighinn beò a-rithist, chì thu cluiche 2014 an-seo. http://www.camanachdleodhais.com/captains-greens-7-v-vice-captains-reds-3/

http://www.tobarandualchais.co.uk/en/fullrecord/44006/1/ Tha an clàradh seo o 1965 a’ bruidhinn air iomain ann an sgìre Ùig agus mu dheidhinn geamannan a chaidh a chumail eadar an Cnip agus Riof aig a’ Bhliadhna Ùir. Ann an 2007 agus 2008 chluich an comann dà ghèam aig Là fèill Ùige agus tha am bhideo ri fhaicinn an-seo. http://www.youtube.com/watch?v=Q-wSlvUawwo

http://www.tobarandualchais.co.uk/en/fullrecord/43841/1;jsessionid=913CCF0FBBB452F28F618535337C1C19 Tha an clàradh seo o 1977 a’ bruidhinn air iomain anns an sgoil ann an Sgìre nan Loch. Bhiodh còrr is ceud sgoilearan an-sàs ann an geam le camain air an geàrradh o choille a chaidh a chuir leis an Ridire Seumas MacMhathain. Tha tuilleadh anns a’ chlàradh seo http://www.tobarandualchais.co.uk/en/fullrecord/43847/4

http://www.tobarandualchais.co.uk/en/fullrecord/62102/1 Tha an clàradh seo o Bhearnaraigh na hEaradh is e a’ bruidhinn air mar am biodh iad a’ cleachdadh  le “stamhan” no meuran mòr feamad mar chamain.

Tha an dà chlàradh seo nas ùire ach tha iad fhathast a’ bruidhinn air eachdraidh a’ gheama is iad a’ nochdadh Dr Alasdair Barden nach maireann agus Niall Fearghasdan air Prògram Choinnich http://www.tobarandualchais.co.uk/en/fullrecord/7505/5 agus http://www.tobarandualchais.co.uk/en/fullrecord/10748/6

Tha sinn an dòchas gum bi na clàraidhean seo nan annas inntinneach gu feadhainn le ùidh ann an cànan, cultar agus spòrs nan Gàidheal. Tha e doirbh a chreidsinn dè cho luath ’s a dh’fhalbh an iomain ann an ùine ghoirid agus nì Comann  Camanachd Leòdhais a dìcheall nach fhalbh e a-rithist.

  1. No comments yet.
  1. No trackbacks yet.