Na Lochan - Winners Cupa na Sgire 2016
Na Lochan – Winners Cupa na Sgire 2016

Bha latha uamhasach math ann Disathairne aig Siabost. Chluich oigridh Camanachd Leodhais ann am farpais sgireil airson a’ chiad uair ann am bliadhnaichean. Bha tri sgiobaidhean ann – An Taobh Siar, Na Lochan agus Steornabhagh. Bha na h-aireamhan caran iseal leis gun robh co-fharpais ball-coise a’ dol (iochd!) ach bha farpais sgoinneil ann eadar an fheadhainn a chluich.

Is e na Lochan a bhuannaich an fharpais air fad, ach bha deagh chluich aig a h-uile sgioba agus cluicheadair a bha an lathair. Chaidh Cupa na Sgire, an sgiath a thug SCOTS Camanachd dhuinn ann an 2009, a thoirt do Ruairidh MacIlleinein, sgiobair nan Loch le Donnchadh Mac an t-Saoir, manaidsear a’ chiad sgioba.

Taing mhor dhan a h-uile duine a thug taic dhan latha.

Lochs v West Side
2 (Ruairidh Maclennan) – 2 (Morgan Macsween)
5 (1 Ruairidh / 3 Innes Begg / 1 Robert Kearney) – 1 (Seumas Smith)

Lochs v Stornoway
3 (2 Innes / 1 Robert) – 0
1 (Robert Kearney) – 1 (Owen Mackenzie)

Stornoway v West Side
2 (Owen) – 5 (3 Morgan / 1 Lisa Mason / 1 Allisha Mason)
0 – 5 (3 Lisa / 2 Morgan)

Lochs 10 points
West Side 8 points
Stornoway 4 points

Top goal scorer – Morgan Macsween 7

A great day at Shawbost for the first Cupa na Sgire. Lots of great play from the three sides, Stornoway, Lochs and West Side, but it was Lochs who won a hard fought tournament. The new trophy, which is the repurposed shield gifted to the club by the SCOTS Shinty Club in 2009, was given by Duncan MacIntyre to Ruairidh MacLennan, Lochs Captain. Thansk to all who made the event possible.

By eoghan

Leave a Reply

Your email address will not be published.