Home > youth > Campa na Càisge | Easter Camp 9-11 April

Campa na Càisge | Easter Camp 9-11 April

March 21st, 2019 Leave a comment Go to comments
Na Leòdhasaich Òga

Na Leòdhasaich Òga

Tha Camanachd Leòdhais toilichte a ràdh gum bi iad, an compàirteachas le Iomain Cholmcille, a’ ruith campa fad trì làithean ann an làithean-saora na Caisge. Tha an campa ann do chloinn eadar BS6 is AS2 agus tha fàilte air gach ìre de dh’eòlas air an spòrs.
Thèid an campa a ruith o Dimàirt 9mh gu Diardaoin 11mh an Giblean agus bidh dà sheisean gach latha. Ruithidh seisean na maidne o 10m gu meadhan-là agus thèid seo a ruith air fad tron Ghàidhlig. Bidh an seisean seo freagarrach airson luchd-labhairt fileanta agus eadar-mheadhanach. Thèid an dara seisean a ruith eadar 1f is 3fm agus bidh seo fosgailte do luchd-labhairt fhileanta agus eadar-mheadhanach agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Thèid gach uidheamachd a thoirt seachad ma tha sin a dhìth ach feumar dìon-lurgainn agus brògan freagarrach airson na pàirce gach sìde. Feumaidh gach pàiste deoch agus greim-bìdhe agus ma bhios iad a’ frithelaadh an dà sheisean, bidh lòn paicte a dhìth.
Taing do Phròiseact Iomain na h-Òige aig Iomain Cholmcille, chan eil ach cosgais £3 mu choinneach gach seisean.
Tha àiteachan gann air a’ champa agus feumar an glèidheadh is a phàigheadh ro làimhe. Cuir fios gu Joanne Mitchell air 01851 860642 no post-d gu joanne.mitchell@sky.com airson fòirm clàraidh.

Camanachd Leodhais is pleased to announce that, in partnership with Iomain Cholmcille, we will be running a 3 day camp during the Easter break. The camp will be for children from P6 to S2 inclusive and all levels of playing experience will be welcomed.
The camp will run from Tuesday 9th to Thursday 11th April and there will be 2 sessions each day. The morning session will run from 10am to 12noon and will be run entirely in Gaelic. This session will be suitable for intermediate and fluent Gaelic speakers. The afternoon session, running from 1pm to 3pm, will be an open bilingual session in Gaelic and English, suitable for all levels of language skill.
All equipment will be provided but shin pads and footwear suitable for the all weather pitch will be required. All children will need to bring a drink and snack and those attending both sessions will need a packed lunch.
Thanks to the generous support of Iomain Cholmcille’s Iomain na h-Òige Project we are able to offer this camp at the cost of only £3 per child per session.
Places will be strictly limited and must be booked and paid for in advance. Please contact Joanne Mitchell on 01851 860642 or  joanne.mitchell6[ @]sky.com for a booking form or download it from the link below.

Registration Form 

Tha Iomain Cholmcille agus Pròiseact Iomain na h-Òige a’ faighinn taic Bhòrd na Gàidhlig – Tha Iomain Cholmcille a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an iomain air feadh na h-Alba.

Iomain Cholmcille and the Iomain na h-òige project receives funding from Bòrd na Gàidhlig – Iomain Cholmcille promotes and develops the use of Gaelic in shinty throughout Scotland.

  1. No comments yet.
  1. No trackbacks yet.